'S ann ann a Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a tha a mhoir chuid de na seann sgrìobhaidhean Gàidhlig air an cumail, a riochdachadh an dà chuid Gàidhlig tradiseanta agus laidheil. Thàinig a chuid as motha dhiubh sin bho Leabharlann na Fir-Lagha anns an naoidheamh linn deug, 'nuair a thug buidhnean leithid Comunn Gaidhealach Lunnain agus Comunn Gaidhealach na h-Alba (a nis Comunn Rioghail Gaidhealach agus Aiteachais na h-Alba) na cruinneachaidhean aca seachad airson an gleidheadh airson an duthaich. Fhuair an Leabharlann a chuid as motha dhiubh sin na'n tiodhlaicean neo phàigh iad air an son. Chaidh dìleaban de chruinneachaidhean phriobhaideach aig sgoilearan Gàidhlig agus a leithid eile mar Uilleam F. Skene agus Iain F. Caimbeul a Ile a chuir riutha re na naoidheamh linn deug.
Ann a 1925, thug Leabharlann na Fir-Lagha na sgrìobhaidhean aca do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a bha air ùr-fosgaladh, agus tha iad a cur ris na cruinneachaidhean sin bho'n uair sin. Chaidh pàipearan ughdairean Gàidhlig, sgoilearan, luchd chruinneachaidh orain agus aiteachan eile a bhuineadh ris a' Ghàidhlig fhaighinn bho chionn ghoirid, a' sealltainn doimhneachd dualchas cultaireachd na Gàidhlig.
A measg na chiad sgrìobhaidhean tha an Leabhar Deaghan Liosmór, ‘MS 1467’ le sinnsearachd na cinnidhean, Sgrìobhaidhean Glenmasan, agus sgràobhaidhean de bhaird mar Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus Uilleam MacMhuirich. Tha sgrìobhaidhean mediceach a deanamh suas cuid mhath de na cruinnichidhean as traighe, b'ann le cuid de theaghlach dhotairean Peutan bha còig deug de na leabhraichan.
Gheibhear na sgrìobhaidhean fhaicinn troimh iomadh doigh, agus gheibhear barrachd fiosrachadh air an larach-linn againn aig https://www.nls.uk/collections/manuscripts/collections/gaelic-manuscripts/.
Tha sinn toilichte a bhi a measg am proiseact ISOS agus tha sinn taingeil airson an obair seo fhaicinn. Tha sinn an dochas gun teid tuilleadh sgrìobhaidhean a chuir ri ISOS ann an uine nach bi cho fada.
'S ann le © Leabharlann Nàiseanta na h-Alba neo © Comunn Rioghail Gaidhealach agus Aitechais na h-Alba a tha na h-iomhaighean. Feumar foighneachd dhaibh ma thathar airson an cleachdadh https://www.nls.uk/collections/manuscripts/.